Oran Chalum Sgàire

Rachel Walker

Compositor: Allan Henderson / Malcolm MacAuley / Rachel Walker

Och hirì gur trom m' osnaich
'S fad bho mo luaidh nochd mi
Mise tuath air ceann Lochlann
Is is' aig Loch an Fhir Mhaoil

Sèist:
Fàill éille 's ho ra u
Fàill éille 's ho ra u
Fàill éille 's ho ra u
Hogaidh ó 's na hó ì

Ged is math a bhith seòladh
'S olc a tha e gam chòrdadh
'S mór gum b' fheàrr a bhith 'm Bòstadh
A' cur an eòrna 's a' raon

Dh'fhalbh i ghluais i leinn dhacha
Cruinn ùra, 's siùil ghealaidh
Chuir i chuairt ud air Arcaibh
Tide mhara 's i leinn

Tighinn a nuas dhuinn aig Barbhas
Thàinig oiteg on earra dheas
'S ann a shamhlaich mi falbh i
Ris an earba air tìr

Nuair a dhìrich mi 'n cruadhlach
Thug mi sùil thar mo ghuailleadh
'S ann a chunnaic mi gruagach
A' dol mun cuairt air a nì

Nuair a dhìrich i bhruthach
Thilg i bhuarach 's an cuman
'S thuirt i, "S uaibhreach an-diugh mi
Seo air cuspair mo ghaoil"

©2003- 2024 lyrics.com.br · Aviso Legal · Política de Privacidade · Fale Conosco desenvolvido por Studio Sol Comunicação Digital